’S e buidheann rannsachaidh eadar-nàiseanta a th’ ann an GARG. Tha sinn gu sònraichte airson a bhith a’ leasachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig agus gan cleachdadh gus an cànan agus an cultar co-cheangailte a neartachadh agus a thuigsinn nas fheàrr.

Ar leinn gu bheil teicneòlas cànain aig cridhe oidhirp ath-bheothachadh na Gàidhlig, leis cho cudromach 's a tha e ann an conaltradh daonna an latha an-diugh. Saoilidh sinn cuideachd gu bheil e riatanach teicneòlasan a leasachadh do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig agus iad fhèin an sàs ann. Tro cho-obrachadh eadar oilthighean, buidhnean poblach agus a’ choimhearsnachd Ghàidhlig fhèin, tha sinn ag amas air àite daingeann a chruthachadh airson na Gàidhlig ann an meadhanan conaltraidh digiteach. ’S e ar miann raointean ùra a chruthachadh airson cleachdadh na Gàidhlig, ionnsachadh innealta a chleachdadh gus foghlam Gàidhlig adhartachadh, agus seasmhachd a’ chànain a leasachadh san àm ri teachd.